Fuirichidh an Lìog Nàiseanta, aon cheum nas ìsle na am Prìomh Lìog is structar nas coltaiche ri lìogan nam fear ann.
Bidh seachd sgiobaidhean an sàs anns an dà lìog sin agus bidh an còrr dhe na sgiobaidhean a' cluich ann an Lìog aig Tuath agus Lìog aig Deas.
Dè seòrsa beachd a th' aig na sgiobaidhean mun structar ùr ge-tà air thoiseach air an t-seusan ùr?
"Nas fhaisge"
Tha seo a' tachairt aig deagh àm a-rèir Alison Nic a' Bhiocair, sgiobair Ghaschu Meadhan Earra-Ghàidheal is i den bheachd gu bheil iomain a' fàs ann am meadhan na h-Alba.
"Tha barrachd na fichead cluicheadair againn aig trèanadh gach seachdain", thuirt Alison, is i a' bruidhinn aig Pàirce Peterson ann an Glaschu far a bheil an cluba stèidhichte.
A' togail air cuairt dheireannach Cupa Valerie Fhriseil an-uiridh nuair a rinn Loch Abar a' chùis air Sgioba Bhàideanaich 1-0, thuirt Alison nach fhaca i a-riamh geama iomain cho math le boireannaich:
"Chan eil mi nam aonar ann a bhith ag ràdh sin, tha rèitirean a tha mar as trice os cionn geamaichean nam fear ag ràdh gun robh an ìre cho àrd - 's dòcha fiù 's nas àirde na feadhainn de gheamaichean nam fear!
"Mar sin, tha e follaiseach gu bheil sinn a' dèanamh rudeigin ceart shìos aig deas agus aig tuath agus tha mi a' smaointinn gur e an t-atharrachadh seo air a' Phrìomh lìog, an ceum ceart."
Buannachd do na sgiobaidhean anns an Lìog Nàiseanta cuideachd
Cha robh seusan furasta idir aig Àird nam Murchan an-uiridh anns an Lìog Nàiseanta - an t-ainm a bh' aca air an lìog as àirde ron a seo.
Cha do bhuannaich iad geama fad an t-seusain ach air an t-seusan seo, tha dìreach aon sgioba gu bhith aca an coimeas ris na dhà a bh' aca an-uiridh.
Cuidichidh seo leis na h-àireamhan aca, rud a tha air a bhith na dhùbhlan dhaibh thairis air na bliadhnaichean.
"Tha measgachadh ann eadar gu bheil sinn ann an àite gu math ionadail agus beag agus tha sin doirbh airson glacadh aire dhaoine" thuirt Ceit Bradley, cluicheadair Àird nam Murchan.
"Tha tòrr siubhail ann do chluicheadairean coltach rium fhìn agus cluicheadairean a tha aig an oilthigh - tha feum aca a bhith a' siubhal, chan ann dìreach airson geamannan air falbh ach geamannan aig an taigh cuideachd!
"Tha mise a' draibheadh airson naoi uairean a thìde airson cluich gach seachdain," thuirt Ceit.
"Tha e doirbh nuair nach eil thu a' buannachadh geamannan, tha e doirbh an seòrsa de bhrosnachadh sin a chumail agus cluicheadairean fhaighinn a tha airson cumail orra a' dèanamh sin agus ag iarraidh rudeigin a thogail nuair a tha thu a' faireachdain aig amannan nach eil thu a' togail air rud sam bith."
Mar sin, tha Ceit an dòchas gum bi na geamaichean nas fhaisge agus gum bi barrachd bhuannachadh ri fhaighinn a-mach às an oidhirp mhòr aca gach seachdain leis a' chruth ùr a tha seo.
A' chiad seachdain sa Phrìomh Lìog
Gleann Urchadain - An t-Eilean Sgitheanach
2 am Màrt
Inbhir Nis - Sgioba Bhàideanaich
Loch Abar - Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal
A' chiad seachdain san Lìog Nàiseanta
Obar Dobhair - Àird nam Murchan
Sgioba Bhàideanaich - Gleann Garadh
Dùn Ad - Srath Spè
Comments
Leave a Comment